Failte air ais gu Oideas. Seo a’ chiad phrògram le Donalda McComb, seann cheannard Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.
Tha i fhèin agus Gwen a’ còmhradh mu a slighe ann am foghlam, an t-àm aice mar cheannard agus na dùbhlain a tha nochdadh nuair nach eil Gàidhlig aig a’ mhòr-chuid de phàrantan. Abair diofar a tha i air a dhèanamh agus abair còmhradh inntinneach.
Chaidh am prògram a chlàradh is a ghearradh le Telt Media. Chaidh am maoineachadh le Sabhal Mòr Ostaig agus Comhairle na Gàidhealtachd.
Tha tuilleadh fiosrachaidh mu bhith tighinn a theagasg ri fhaighinn an seo:
https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/
Cuimhnich gu bheil an agallamh slàn cuideachd ri fhaicinn air YouTube.
https://www.youtube.com/@OideasPod