Sa phrògram seo, tha Gwen a’ còmhradh ri Christine NicLeoid mun obair mhòr a rinn ann am foghlam Gàidhlig ann an Dùn Èideann.
Bha Christine an sàs aig ìre na bun-sgoile agus ann a bhith ag oideachadh phàistean ron a’ sgoil. Chunnaic i fàs mòr ann àireamhan agus iomadh atharrachadh. Ach, mar a tha i ag innse do Gwen, bha sgeulachdan agus dualchas nan Gàidheal aig cridhe a teagasg tron ùine sin.
Chaidh am prògram a chlàradh is a ghearradh le Telt Media. Chaidh am maoineachadh le Sabhal Mòr Ostaig agus Comhairle na Gàidhealtachd.
Tha tuilleadh fiosrachaidh mu bhith tighinn a theagasg ri fhaighinn an seo:
https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/
Cuimhnich gu bheil an agallamh slàn cuideachd ri fhaicinn air YouTube.
https://www.youtube.com/@OideasPod
Pròiseact aig Christine, Sgeulachdan bhon Taobh Siar: https://www.feisean.org/en/beairteas-b/