Ciamar a tha e a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig gu sònraichte son dreuchd teagaisg sa chànan? Sin a rinn Yvonne Girvan. Sa phrògram seo, tha i fhèin is Gwen a' bruidhinn mun leasachadh proifeiseanta a tha i air a dhèanamh gus, am measg eile, fileantas a ruighinn. Tha iad cuideachd a' bruidhinn mu na h-iomairtean a rinn i gus cothroman cànain a' tabhainn dha na sgoilearan tron ghlasadh, mar a tha i a' neartachadh sgiobachd le a co-obraichean, agus na h-innleachdan a bhios i a' cleachdadh gus sgilean sgrìobhaidh a leasachadh sa chlas.
What is it like to learn Gaelic to enable you to teach in the language? That’s what Yvonne Girvan has done! In this programme, Yvonne and Gwen talk about professional learning and development and what she has undertaken including reaching Gaelic fluency. They also discuss a variety of initiatives she has been involved with to create language learning opportunities during lockdown and many others!
Talk4Writing le Pie Corbett https://www.talk4writing.com/
Foghlam Thidsearan aig Sabhal Mòr Ostaig https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/
Telt Media https://telt.media/