Fad Botal Fìon

Fad Botal Fìon

By BBC Radio nan GàidhealSociety & CulturePersonal Journals
Download on the App Store

Fad Botal Fìon episodes

  • Eapasod 26 - An e caraid math a th' annam

    Tha Hannah, Lana agus Rachel a' beachdachadh air an e caraidean math a th' annta. A' bruidhinn air dè a th' ann an caraid math agus dè a tha sinn a' sùileachadh bho na caraidean againn? A bheil diofar seòrsaichean de charaidean againn?

    45 min
  • Eapasod 25 - Gealladh-pòsaidh

    Tha Lana air gealladh-pòsaidh fhaighinn is i dìreach air tilleadh bhon Ròimh agus tha i airson an sgeulachd aice innse dha Hannah agus Rachel.

    45 min
  • Eapasod 23 | Lady Guga ann an Carabhan

    Tha Hannah, Lana agus Rachel a' toirt sùil air am beatha obrach aca agus a' togail air cultar san àit'-obrach agus rudan annasach agus èibhinn a tha'd air a dhèanamh thairis nam bliadhnaichean a thaobh obair anns na meadhanan.

    45 min
  • Eapasod 22 | Chan eil mi a' faighneachd airson cus

    Tha Hannah, Lana agus Rachel a' beachdachadh air rudan nach fhuiling iad a bhios daoine eile a' dèanamh no "icks". Bho dhaoine a' dèanamh fuaim nuair a tha iad ag ithe no a' coiseachd ann a flip flops gu bhith a' cuir do chuid aodaich son oidhche air falbh bhon taigh ann am poca plastaig, tha Rachel agus Lana ag innse mu na icks a tha na caraidean aca air a chuir thuca agus iad uile a' beachdachadh air an e icks a th' annta dhaibhsan no nach e agus iad cuideachd a' smaoineachadh a bheil rudan ann a bhios iad fhèin a dèanamh a chanadh fir gur e ick a bhiodh ann.

    45 min
  • Eapasod 21 | Drathair làn coinnealan agus toirdsichean

    Tha beachdan eadar-dhealaichte aig Hannah, Lana agus Rachel air AI agus tha'd a' còmhradh air na buannachdan agus laigsean a th' ann ceangailte ris. Tha iad cuideachd a' beachdachadh air dè cho ullaichte 's a tha iad nan tachradh rudan mar an dealan a' dol dheth agus AI a' gabhail thairis an t-saoghail ann an dòigh aotrom.

    45 min
  • Eapasod 20 | Ficheadan Vs Tritheadan

    Tha Hannah, Lana agus Rachel a' dèanamh coimeas eadar beatha anns na ficheadan agus anns na tritheadan againn.

    Hannah, Lana and Rachel discuss the differences between your twenties and thirties.

    44 min
  • Eapasod 19 | Carson nach do dh' innis duine dhomh?!

    Chan e rud furasta a th' ann a bhith nad inbheach uaireanan. Chan eil daoine ag innse dhut ciamar a bu chòir dhut tòrr rudan a làimhseachadh agus tha Hannah, Lana agus Rachel a' bruidhinn mu rudan a bu chòir rabhadh fhaighinn mu dheidhinn ro làimh airson cùisean a dhèanamh beagan nas fhasa. Rudan mar a' sàbhaladh airgead, a' ceannach taighean, a' pòsadh agus clann.

    45 min
  • Eapasod 18 | Bha mi mar muc mòr fhiadhaich

    A-rèir choltais bidh barrachd bhoireannaich a' cleachdadh 'rage rooms' na tha fireannaich. A bheil seo a' ciallachadh gu bheil boireannaich nas feargach na tha fireannaich agus dè as coireach? Tha Hannah, Lana agus Rachel gu bhith a' cnuasachadh air a seo agus ag aideachadh na rudan as miosa a rinn iad nuair a bha iad a' faireachdainn fiadhaich. Cò aca as feargaich? Feuch gun èist sibh gus am faigh sibh a-mach!

    45 min
  • Eapasod 17 | Tha sinn air ais!

    Tha faisg air dà bhliadhna air a bhith ann bhon a chuala sinn bho Hannah, Lana agus Rachel mu dheireadh agus tha tòrr air atharrachadh san ùine a tha sin. Tha iad a' cabadaich mu dheidhinn dè na rudan mòra a th' air atharrachadh nam beatha bho bhith nam pàrantan, a' gluasad gu taighean ùra, bràmar ùr agus a' roinn coin leis an ex agad.

    They're back! It's been almost two years since we last heard from Hannah, Lana and Rachel and a lot has changed in that time for them all. They chat about the big changes that have happened in their lives from having children, moving houses, a new boyfriend and co-parenting dogs with your ex.

    45 min

About Fad Botal Fìon

From the publisher's feed

Thigibh an cuideachd Lana Pheutain, Hannah McKirdy is Rachel NicAoidh ‘s iad a’ cnuasachadh air iomadh cuspair fhad ‘s a tha iad a’ dèanamh an slìghe troimh bhotal fìon.

More shows like Fad Botal Fìon

If Books Could Kill by Michael Hobbes & Peter Shamshiri

If Books Could Kill

9,398 Listeners