
Sign up to save your podcasts
Or


Rachel, Lana agus Hannah a’ còmhradh mu dheidhinn bainnsean le Krisell Dhòmhnallach.
Rachel, Lana agus Hannah a’ còmhradh mu dheidhinn na meadhanan sòisealta.
Le glainne fìon nan làimh, tha Lana, Rachel agus Hannah a’ còmhradh mar a dhèiligeas tu ri sgaraidhean. Cluinnear sgeulachdan èibhinn agus brònach mu na ‘breakups’ aca fhèin.
Thigibh an cuideachd Hannah, Lana is Rachel is iad air ais leis an dàrna eapasod de Fad Botal Fìon. An turas-sa, tha iad a’ cabadaich mun àite-obrach – dè th’ ann 'quiet quitting' agus carson a tha e cudromach a bhith san oifis. Agus mar as àbhaist, tha an còmhradh a’ leantainn fhad ’s a tha fìon air fhàgail sa bhotal!
Le glainne prosecco nan làimh, tha a' chlann-nighean a' deasbad mu chàirdeas, facal Gàidhlig airson ‘friendship’. Dè dha-rìribh a tha e a' ciallachadh do Hannah, Rachel is Lana?
Hannah, Rachel is Lana a’ toirt seachad am barail air na dlùth-cheanglaichean a th’againn ri ar bana-charaidean is cho cudromach ‘s a tha na dàimhean seo nar beatha.
From the publisher's feed
Thigibh an cuideachd Lana Pheutain, Hannah McKirdy is Rachel NicAoidh ‘s iad a’ cnuasachadh air iomadh cuspair fhad ‘s a tha iad a’ dèanamh an slìghe troimh bhotal fìon.

9,399 Listeners