Òran Ùr

Òran Ùr

By BBC Radio nan GàidhealMusic
Download on the App Store

Òran Ùr episodes

  • 35. Ochd Latha le Calum Màrtainn

    Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo tha Calum Màrtainn ag innse dhuinn mun eachdraidh thiamhaidh a thug air an t-òran Ochd Latha a sgrìobhadh.

    15 min
  • 34. Caidir-ciùil le Màiri Anna NicUalraig agus Sìleas Nic na Ceàrdaich

    Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo tha Màiri Anna NicUalraig a’ meòrachadh air an òran Caidir-ciùil a sgrìobh i còmhla ri Sìleas Nic na Ceardaich; òran a tha a’ dèanamh luaidh air coimhearsnachd nan còisirean Gàidhlig agus an togail-inntinn a tha iad a’ toirt dhan fheadhainn a tha an sàs annta.

    15 min
  • 33. Òran Eliza le Eilidh NicChoinnich

    Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Eilidh NicChoinnich ag innse dhuinn mu Òran Eliza. Sgrìobh Eilidh an t-òran seo airson film goirid a rinn Fèisean nan Gàidheal mu bheatha Eliza Junor – nighean òg à Guidheàna sa Charribean a chaidh a thoirt le h-athair, aig an robh planntachaidhean, a dh’fhuireach anns an Eilean Dubh ann an 1816.

    12 min
  • 31. Co-thràth le Dòl Eòin MacFhionghain

    Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Dòl Eòin MacFhionghain ag innse dhuinn mun òran aige Co-thràth a chaidh a chlàradh leis a’ chòmhlan Tide Lines agus an seinneadair Raibert MacDhonnchaidh ga ghabhail.

    20 min
  • 30. Cìobair an Lasair le Fiona J. NicChoinnich

    Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Fiona J. NicChoinnich ag innse dhuinn mun òran aice Cìobair an Lasair a tha a’ dèanamh luaidh air Magda Sagarzazu a bha iomadh bliadhna na tasglannaiche aig Taigh Chanaigh; b’ i seo dreuchd anns an robh Fiona fhèin eadar 2015 agus 2023 agus i a’ coimhead as dèidh a’ chruinneachaidh fharsaing de dh’òrain is de bheul-aithris a chaidh a thional le Iain Lathurna Caimbeul agus Mairead Fay Sheathach.

    12 min
  • 28. Cumha le Robaidh Anndra Macleòid

    Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Robaidh Anndra Macleòid a tha na sheinneadair agus na bhàrd ag innse dhuinn mun òran dhrùidhteach aige, Cumha.

    11 min
  • 27. Chan Eil le Evie Waddell

    Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Evie Waddell a tha na seinneadair, dannsair agus neach-ciùil ag innse dhuinn mun òran aice Chan Eil. Bidh Evie a’ cleachdadh BSL agus dannsa anns na h-òrain aice agus tha Chan Eil a’ nochdadh air EP lèirsinneach a thug i a-mach bho chionn ghoirid.

    8 min
  • 26. An Diugh Ghabh Mi Cuairt le Calum is Ruairidh Dòmhnallach

    Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Calum agus Ruairidh Dòmhnallach bhon chòmhlan Runrig a bhios ag innse dhuinn mun òran An Diugh Ghabh Mi Cuairt a nochd air a’ chlàr mu dheireadh a rinn iad, The Story.

    6 min

About Òran Ùr

From the publisher's feed

Blas den fharsaingeachd de dh'òrain ùra a chaidh a sgrìobhadh bho thoiseach na linne. Composers of modern Gaelic songs discuss their inspirations and creative process.