
Sign up to save your podcasts
Or


Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo se Calum Alasdair Friseal à Leòdhas bhon chòmhlan Balach a tha ag innse dhuinn mun òran Air Do Shocair A Mhòrag, òran a tha a’ deiligeadh ri gnèitheachas agus droch-dhìol air-loidhne.
Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Màiri NicIllemhaoil à Uibhist a Deas ag innse dhuinn mun òran aice, Seud Luachmhor, òran a tha a’ brosnachadh nan Gàidheal gus luach a chur air a' Ghàidhlig agus a bhith ga cleachdadh cho tric 's is urrainn.
Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Iain “Costello” MacIomhair à Leòdhas ag innse dhuinn mun òran aige Beartas Ghuthan – òran a tha a’ dèanamh luaidh air eilean agus muinntir na Hearadh, àite a tha gu math faisg air a’ chridhe.
Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Màiri Anna NicUalraig ag innse dhuinn mun òran Mise Fhuair. Tha an t-òran seo stèidhichte air dàn a sgrìobh am bàrd cliùiteach, Aonghas MacNeacail, nach maireann agus anns a’ phrògram seo cluinnear beagan mun sgeulachd air a chùlaibh agus mun chom-pàirteachas chruthachail, torrach a dh’èirich às a’ chàirdeas eadar Màiri Anna agus Aonghas.
Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Calum Martainn à Leòdhas ag innse dhuinn mun òran aige Faisg air Glòir agus na cuimhneachan a tha e a’ dùsgadh dha.
Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Gillebrìde MacIllemhaoil à Uibhist a Deas ag innse dhuinn mun òran aige Meadhan Oidhche agus a’ mìneachadh a’ cheangail a th’aige ri fèis Ceòlas.
Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh a' bhana-bhàrd Thiristeach, Flòraidh NicPhàil agus a mac Aonghas MacPhàil bhon chòmhlan Skipinnish ag innse dhuinn mun òran chiùiteach aca, Maraiche nan Cuantan.
Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh a' bhana-sheinneadair agus cleasaichte Mairi Nicillemhoire ag innse dhuinn mun òran tàlaidh aice Leanabh an Òir.
Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo ‘s e an seinneadair Gillebrìde MacIllemhaoil a tha ag innse dhuinn mun òran aige Duan an Fhògarraich, òran a tha a’ brosnachadh tuigse agus co-fhaireachdainn do dhaoine a thàinig dhar dùthaich ‘s iad a’ sireadh tèarmann.
Pròiseact fad bliadhna a bhios a' cur na prosbaig air òrain ùra Ghàidhlig agus na daoine cruthachail a tha gan sgrìobhadh. An turas seo bidh Marcas Mac an Tuairneir ag innse dhuinn mun òran aige Speactram a sgrìobh e mar fhreagairt do dh’ionnsaigh ghunna club-oidhche Pulse ann an Orlando ann an 2016 agus a tha a’ dèanamh luaidh air an 49 neach a chaill am beatha an oidhche ud.
From the publisher's feed
Blas den fharsaingeachd de dh'òrain ùra a chaidh a sgrìobhadh bho thoiseach na linne. Composers of modern Gaelic songs discuss their inspirations and creative process.