Oideas
Download on the App Store

Oideas episodes

  • Oideas 3.2 Anne Mhàrtainn
    Chuir Anne Mhàrtainn seachad iomadh bliadhna cuideachadh clann le feumalachdan a bharrachd, agus tha an còmhradh seo leatha làn eòlais, gliocas agus lèirsinn. Dè an diofar a
    th' ann eadar foghlam Gàidhlig is Beurla? Ciamar a nì thu deuchainn dyslexia nuair a tha pàiste fhathast a togail bunaitean na Gàidhlig? Tha i stiùireadh Gwen tron phròiseas, a
    thuilleadh air a bhith còmhradh mun obair aice a niste a' teagasg an fheadhainn as òige sa sgoil. 
    Tha tuilleadh fiosrachaidh mu bhith tighinn a theagasg ri fhaighinn aig:
    https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/
    Chaidh am prògram a' chlàradh 's a' ghearradh le Telt Media:
    https://www.telt.media
     
    Tuilleadh fiosrachadh mu dyslexia: https://dyslexiascotland.org.uk/online-learning/
    33 min
  • Oideas 3.1 – Luchd-teagaisg Foghlam Thidsearan
    Fàilte air ais gu Oideas airson sreath 3. Sa phrògram seo, tha mi fhèin, Gwen NicGuaire timcheall bùird le mo cho-obraichean ann am Foghlam Thidsearan aig Sabhal Mòr Ostaig.
    Bidh mise agus Shona NicCarmaig, Katie Wight agus Lynsey NicFhionnlaigh a’ freagairt na ceistean agaibhse - dè an t-amas a tha aig Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig? Carson a tha sinn teagasg nan tidsearan? No, dè thug tlachd dhuinn sa chlas?
    Tha an eapasòd seo cuideachd ri fhaotainn air bhideo air Spotify agus aig YouTube.
    https://youtube.com/@OideasPod?feature=shared
    Airson tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn cùrsaichean teagasg aig Sabhal Mòr Ostaig thèid:
    https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/
    Tha fhathast tìde gu leòr agaibh àite fhaighinn air na cùrsaichean againn 'son 2024/25!
    41 min
  • Oideas – Sreath 3, Blasad!
    Tha sreath ùr Oideas an ìmpis tòiseachadh. Sreath ùr, le prògram bhideo sònraichte. Bidh sinne a tha teagasg nan tidsearan aig Sabhal Mòr Ostaig a' bruidhinn ri chèile agus a’ freagairt na ceistean agaibhse.
    Sin Oideas Sreath 3, Diardaoin 28 Màrt. Agus son a’ chiad uair, cuideachd ri fhaotainn air YouTube aig Oideaspod.
    Nota - tha sinn trang ag obair air prògram bhideo son Diardaoin an 28mh Mhàirt 2024, ach, chan eil bhideo air nochdadh air Spotify neo Google gu ruige seo. Seo fear fuaim a-mhàin mar dheuchainn is sinn a' strì an toirt thugaibh air gach inneal.
    Leig sibh fios thugainn air [email protected] ma mhothaicheas sibh gum faic agus gun cluinn sibh e.
    has context menu
    2 min
  • Oideas, Sreath 3 – Blasad!
    Tha sreath ùr Oideas an ìmpis tòiseachadh. Sreath ùr, le prògram bhideo sònraichte. Bidh sinne a tha teagasg nan tidsearan aig Sabhal Mòr Ostaig a' bruidhinn ri chèile agus a’ freagairt na ceistean agaibhse.
    Sin Oideas sreath 3, Diardaoin 28 Màrt. Agus son a’ chiad uair, cuideachd ri fhaotainn air YouTube aig Oideaspod.
    2 min
  • Prògram 10: Yvonne Girvan
    Ciamar a tha e a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig gu sònraichte son dreuchd teagaisg sa chànan? Sin a rinn Yvonne Girvan. Sa phrògram seo, tha i fhèin is Gwen a' bruidhinn mun leasachadh proifeiseanta a tha i air a dhèanamh gus, am measg eile, fileantas a ruighinn. Tha iad cuideachd a' bruidhinn mu na h-iomairtean a rinn i gus cothroman cànain a' tabhainn dha na sgoilearan tron ghlasadh, mar a tha i a' neartachadh sgiobachd le a co-obraichean, agus na h-innleachdan a bhios i a' cleachdadh gus sgilean sgrìobhaidh a leasachadh sa chlas.
    What is it like to learn Gaelic to enable you to teach in the language? That’s what Yvonne Girvan has done! In this programme, Yvonne and Gwen talk about professional learning and development and what she has undertaken including reaching Gaelic fluency. They also discuss a variety of initiatives she has been involved with to create language learning opportunities during lockdown and many others!
    Talk4Writing le Pie Corbett https://www.talk4writing.com/
    Foghlam Thidsearan aig Sabhal Mòr Ostaig https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/
    Telt Media https://telt.media/
    41 min
  • Prògram 9: Eòghan Stiùbhairt
    Ciamar a tha thu ath-bheothachadh coimhearsnachd a tha air misneachd a chall? Ciamar a tha iomairtean anns agus às a chlas a chur ri àrainneachd agus cliù a Ghàidhlig san sgoil? Cluinnidh sibh mu dheidhinn seo agus tòrr a bharrachd sa phrògram seo sa chòmhradh eadar Gwen agus Eòghan Stiùbhairt.
    How do you reinvigorate communities of Gaelic speakers who have lost confidence? How do enterprises in and out of the class add to the Gaelic ethos in the school? You’ll hear about this and lots more in the programme, Gwen talks with Eoghan Stewart.
    Foghlam Thidsearan aig Sabhal Mòr Ostaig https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/
    Telt Media https://telt.media/
    44 min
  • Prògram 8: Marina NicLeòid
    Ciamar a tha thu a ruith bun-sgoil shoirbheachail ann sgìre far nach eil mòran Gàidhlig? Dè na dùbhlain a th'ann? A bheil dòighean an cànan a neartachadh is na sgoilearan a bhrosnachadh? Sin am measg na cuspairean a tha sa phrògram seo is Gwen a' còmhradh le Marina NicLeòid, iar-cheannard Bhun-sgoil Chon-Dobharait ann Siorrachd Lannraig a Tuath.
    How can you ensure success in a Gaelic unit in an English primary school in an urban setting? What are the challenges? Are there ways in which you can strengthen Gaelic and encourage students? Gwen discusses many subjects in this programme speaking with Marina MacLeod, depute head of Condorrat Primary School in North Lanarkshire.
    Foghlam Thidsearan aig Sabhal Mòr Ostaig https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/
    Telt Media https://telt.media/
    https://education.gov.scot/education-scotland/what-we-do/inspection-and-review/chief-inspector-report/national-thematic-inspections/local-approaches-to-recovery-a-thematic-review/
    34 min
  • Prògram 7: Aonghas MacIllinnein
    Ciamar as urrainn dhuinn foghlam Gàidhlig a leudachadh le gainnead thidsearan na chnap-starra? Tha e-Sgoil air tòrr a dhèanamh gus am beàrn sin a lìonadh, ach an gabh cuspairean leithid saidheans is ealain a theagasg thar an eadar-lìon? Gabhaidh, a rèir ceannard na sgoile, Aonghas MacIllinnein. Ann an còmhradh farsaing mu fheallsanachd fhoghlaim agus Gàidhlig, tha Aonghas togail air na bunaitean a tha air cùl e-Sgoil – nam measg, neartachadh coimhearsnachdan na Gàidhlig, cruthachadh luchd-labhairt ùr, agus cumail chosnaidhean ri daoine ann an sgìrean dùthchail.
    How can we extend Gaelic education with a lack of teachers? E-Sgoil could be a partial solution to this problem, but what about subjects like science and art online, how feasible is that? The outgoing headteacher Angus MacLennan and Gwen have an interesting conversation about the philosophy of Gaelic and education as well as the principles behind e-Sgoil including strengthening Gaelic communities and new generations of Gaelic speakers.
    Foghlam Thidsearan aig Sabhal Mòr Ostaig https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/
    Telt Media https://telt.media/
    E-sgoil https://www.e-sgoil.com/
    39 min
  • Prògram 6: Lynsey NicFhionnlaigh
    Anns a chiad prògram de Sreath 2 tha Gwen a' bruidhinn le Lynsey NicFhionnlaigh, a tha na neach-teagaisg ann am Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh san Eilean Sgitheanach. Nochdaidh tòrr chuspairean sa chòmhradh aca, nam measg a’ fàs ann am misneachd, dùbhlain obrach agus na cothroman ionnsachaidh a tha nochdadh bhuapa.
    In the first programme of Series 2, Gwen MacQuarrie speaks with Lynsey Finlayson who teaches in Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh on the Isle of Skye. Lots of interesting and challenging topics are discussed including acknowledging success and the professional learning opportunities that can come from challenging situations.
    Foghlam Thidsearan aig Sabhal Mòr Ostaig
    https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/
    Telt Media
    https://telt.media/
    Sonas Design
    https://www.sonadesign.co.uk/
    31 min
  • Oideas – Sreath 2
    Seo agaibh blasad de Sreath 2 de dh’ Oideas, agallamhan mu Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Anns gach pod-chraoladh, bidh Gwen NicGuaire a’ bruidhinn ri sàr-eòlaichean mun dreuchd, na dùbhlain agus na fuasglaidhean as fheàrr.
    3 min

About Oideas

From the publisher's feed

Fàilte gu Oideas - sreath de dh’agallamhan mu fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus Sreath 4 beò. Anns gach pod-chraolaidh bidh Gwen NicGuaire a bruidhinn ri sàr-eolaichean foghlaim mun dreuchd, na dùbhlain agus na fuasglaidhean as fheàrr.

Best of Oideas

Ranked by our users in the last 21 days

More shows like Oideas

Today in Focus by The Guardian

Today in Focus

975 Listeners