Oideas
Download on the App Store

Oideas episodes

  • Prògram 5: Flòraidh Guidi
    Bho a bhith a' cur Gàidhlig air leabhraichean sgoile an oidhche ro làimh sna h-ochdadan, gu bhith na ciad cheannard aig sgoil Ghàidhlig ùr fa leth sna h-Eileanan, tha an t-uamhas eòlas aig Flòraidh Guidi. An t-seachdain seo, tha i an cuideachd Gwen, 'son am prògram mu dheireadh san t-sreath.
    Tha iad a’ bruidhinn air mar a bha e coltach sna ciad làithean sin - gun ghoireasan no eòlas air an dòigh as fheàrr foghlam Gàidhlig a lìbhrigeadh. Chuir Flòraidh feum air taic na coimhearsnachd is tidsearan eile.
    Leis gun robh Flòraidh ann an aonad Gàidhlig ann an sgoil Bheurla cheana is i a nise os cionn sgoil Ghàidhlig, tha i toirt a beachd air mar a tha gach suidheachadh eadar-dhealaichte agus cho cudromach sa tha e a bhidh dèanamh cinnteach gu bheil àite aig a Ghàidhlig ann an àrainneachd Bheurla.
    Tha i cuideachd ag innse do Gwen mu cheannardas agus na dòighean as fheàrr luach fhaighinn bhon sgioba gu lèir. Tha beagan ann mu buannachdan a’ chùrsa Streap, agus mun dragh a th' air gu leòr thidsearan mu dhi-mhisneachd nan comasan cànain fhèin. Agus, a thaobh sgoilearan, dè tha a dhìth airson farsaingeachd de chainnt a bhrosnachadh.
    Ach a bharrachd na càil eile, ge-tà, tha i misneachail mu fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus a Ghàidhlig fhèin. Deagh dhòigh crìoch a chuir air an t-sreath.
    Tha sinn an dràsta a’ tional bheachdan 'son sreath a' dhà. Ma tha smuain sam bith agaibh air dè chòrd ribh is dè nach do chòrd san t-sreath seo, dè eile dh' iarradh sibh cluinntinn no cò bhiodh math mar aoigh, cuir fios thugainn air na meadhanan sòisealta, no air [email protected], bhiodh e cianail fhèin math cluinntinn bhuaibh.
    Airson tuilleadh fiosrachaidh mun phod-chraoladh agus na daoine a tha sàs ann, seo na ceanglaichean:
    Foghlam Thidsearan aig Sabhal Mòr Ostaig
    https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/
    BA Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta: Cùrsa Ciùil
    https://www.smo.uhi.ac.uk/course/ba-urram-gaidhlig-is-ceol-traidiseanta/
    Telt Media
    https://telt.media/
    Sonas Design
    https://www.sonadesign.co.uk/
    41 min
  • Prògram 4: Dougie Beck
    Teicneòlas agus teagasg: ciamar as urrainn dhuinn a' chur gu feum son maith sgoilearan, pàrantan agus tidsearan? Dè na goireasan a ghabhas a chleachdadh son sgoilearan oideachadh ann dòigh nas fheàrr, an ullachadh son linn ùr didseatach, agus son ùine a' shàbhaladh sa chlas?
    An t-seachdain seo tha Gwen a’ bruidhinn ri Dougie Beck, Prìomh Thidsear le uallach son stuthan didseatach ann am Bun-sgoil Mhalaig. Tha Dougie mion-eòlach air a' chuspair.
    Am measg na molaidhean aige tha:
    Google Classroom
    https://classroom.google.com/u/0/h
    Screencastify
    https://www.screencastify.com/
    Classdojo
    https://www.classdojo.com/en-gb/?redirect=true
    Book Creator
    https://bookcreator.com/
    Adobe Spark
    https://www.adobe.com/express/
    Soundtrap
    https://www.soundtrap.com/edu/
    Blair Minchin
    https://twitter.com/Mr_Minchin
    Agus 'son tuilleadh fiosrachaidh mun phod-chraoladh agus na daoine a tha sàs ann, seo ceanglaichean eile:
    Foghlam Thidsearan aig Sabhal Mòr Ostaig
    https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/
    BA Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta: Cùrsa Ciùil
    https://www.smo.uhi.ac.uk/course/ba-urram-gaidhlig-is-ceol-traidiseanta/
    Telt Media
    https://telt.media/
    Sonas Design
    https://www.sonadesign.co.uk/
    36 min
  • Prògram 3: Dòmhnall Iain Mac a’ Ghobhainn
    Bheil còir aig tidsearan a bhith a’ ruith chlubaichean san sgoil san ùine aca fhèin? Bheil iad feumail dha na sgoilearan? Agus ann am foghlam Gàidhlig, a bheil iad deatamach ann a bhith a’ cruthachadh cothroman còmhraidh?
    Sin am measg nan cuspairean a tha aig Gwen agus Dòmhnall Iain Mac a’ Ghobhainn sa phrògram seo.
    'S e tidsear matamataig a th' ann an Dòmhnall Iain is e na cheannard-roinne ann Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. Tha e air a bhith ann bho thòisich an àrd-sgoil, is tha e ag innse do Ghwen mar a bha cùisean an uair sin agus mar a tha iad air atharrachadh.
    Tha iad cuideachd a' bruidhinn air cho feumail ’s a bha an teisteanas Streap, is Dòmhnall Iain gun Gàidhlig a sgrìobhadh bhon a bha e sa cheathramh bliadhna san sgoil.
    Streap: https://www.smo.uhi.ac.uk/course/streap1/
    Foghlam Thidsearan @ Sabhal Mòr Ostaig: https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/
    BA Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta: Cùrsa Ciùil: https://www.smo.uhi.ac.uk/course/ba-urram-gaidhlig-is-ceol-traidiseanta/
    Telt Media: https://telt.media/
    Sonas Design: https://www.sonadesign.co.uk/
    43 min
  • Prògram 2: Seonaidh Charity
    Ciamar as urrainn cànan sòisealta a bhrosnachadh am measg sgoilearan? Carson a tha e cudromach? As aonais, a bheil clann a' tionndadh chun a' Bheurla?
    Tha Seonaidh Charity air tòrr rannsachadh, leughadh agus beachdachadh a dhèanamh air a’ cheist, agus sa phrògram seo tha e ag innse do Gwen dè dh'obraich dha san teagasg aige fhèin. Tha e cuideachd a' toirt iomradh air a bhith a' dèanamh maighstireachd ann an teagasg, a bhith a' gluasad gu dreuchd air falbh bhon chlas, agus tha sinn a' faighinn a-mach carson a tha e a' smaoineachadh gu bheil ath-sgrùdadh air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a dhìth.
    31 min
  • Prògram 1: Katie Wight
    Dè tha tachairt nuair a tha àireamh sgoilearan dol am meud tòrr na bu luaithe na bha dùil? Ciamar as urrainn dhuinn dèiligeadh ri fàs mar sin? Dè bhuaidh a tha seo a toirt air sgoilearan, pàrantan agus luchd-obrach?
    Anns a chiad phrògram, tha Katie Wight a bruidhinn ri Gwen mu na dùbhlain a nochd stèidheachadh sgoil ùr aig Bun-sgoil Taobh na Pàirce ann an Dùn Èideann.  Tha Katie cuideachd a’ bruidhinn mu bhi ag ionnsachadh air a bhlàr a-muigh ‘s na cothroman agus dùbhlain a tha an sàs, làithean a h-òige ann Canada, agus buaidh a chorona-bhìorais air an sgoil. Tha Katie a-nis na Ceannard aig Bun-sgoil Shlèite san Eilean Sgitheanach agus tha an còmhradh aca tionndadh dhan diofar eadar a bhith teagasg ann an sgoil beag air an dùthaich agus sgoil sa bhaile mhòr, agus rud no dhà eile cuideachd. 
    Chaidh am podcast a mhaoineachadh le taic airgid bho Chomhairle na Gàidhealtachd agus Sabhal Mòr Ostaig.
    Taing do sgioba BA (Urram) Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta an t-Sabhail a sgrìobh am fonn againn: https://www.smo.uhi.ac.uk/course/ba-urram-gaidhlig-is-ceol-traidiseanta/
    Chaidh am pod-chraolaidh a ghearradh le Iain MacDiarmaid aig Telt Media: https://telt.media/
    37 min
  • Oideas
    Fàilte gu Oideas, sreath de dh’agallamhan mu Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Gach pod-chraoladh, bidh Gwen Culbertson a’ bruidhinn ri sàr-eòlaichean àrd-sgoile no bun-sgoile mun dreuchd, na dùbhlain agus na fuasglaidhean as fheàrr.
    Tha sinn ag amas air leasachadh proifeasanta do dh’oileanaich teagaisg agus luchd-teagaisg – a’ brosnachadh dhòighean smaoineachaidh ùra, a’ togail cheistean agus a’ co-roinn fiosrachadh eadar tidsearan Gàidhlig a tha tric a’ dèiligeadh ris na h-aon dùbhlain nan obair làitheil.
    Ach, do dhuine sam bith aig a bheil ùidh ann am Foghlam Tro Mheadhan na Gàidhlig, ‘s e deagh chothrom a th’ ann èisteachd ri tidsearan agus eòlaichean a’ cnuasachadh is còmhradh.
    3 min

About Oideas

From the publisher's feed

Fàilte gu Oideas - sreath de dh’agallamhan mu fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus Sreath 4 beò. Anns gach pod-chraolaidh bidh Gwen NicGuaire a bruidhinn ri sàr-eolaichean foghlaim mun dreuchd, na dùbhlain agus na fuasglaidhean as fheàrr.

Best of Oideas

Ranked by our users in the last 21 days

More shows like Oideas

Today in Focus by The Guardian

Today in Focus

975 Listeners